Tha bathar cleachdi ann airson buidhnean san roinn phoblaich no sa choimhearsnachd. Tha am bathar cleachd i a’ sealltainn gu bheil sibh deònach Gàidhlig a bhruidhinn.
Faodar suas ri 10 lainneardan / 10 bràistean cruaidh / 10 postairean A5 / 20 steigear / 5 steigearan uinneig òrdachadh tron fhoirm gu h-ìosal. Tha na goireasan seo saor an-asgaidh.
Airson òrdughan nas motha, no ma tha ceist sam bith agaibh, cuiribh fios gu Comhairle nan Leabhraichean air 0141 337 6211 no brath@gaelicbooks.org.
Bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ sgaoileadh bathar cleachdi às leth Bòrd na Gàidhlig.
Gu mi-fhòrtanach, chan urrainnear òrdughan a choileanadh taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte.
Luchdaich a-nuas lethbhreac den phostair, suaicheantas agus bann-coise phuist-dealain #cleachdi gu h-ìosal.
Tha fàilte air duine sam bith suaicheantas #cleachdi a chleachdadh. Bhitheamaid nur comainn nan leanadh sibh stiùireadh bhrannd #cleachdi ge-tà – ri fhaicinn an seo.
Ma tha thu ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh, tadhail air an làrach-lìn Learn Gaelic airson ghoireasan air-loidhne agus liosta de chlasaichean air feadh Alba.