Ceistean Cumanta
Tha sinn an dòchas gu bheil freagairt ann airson ur cuid cheistean an seo. Mura bheil, cuir fios thugainn tron fhoirm fios-air-ais neo cuir post-d thugainn aig fios@cleachdi.scot agus nì sinn ar dìcheall ur cuideachadh.
Dè a th' ann an Cleachdi?
Chruthaich Bòrd na Gàidhlig is com-pàirtichean an iomairt #Cleachdi gus luchd-bruidhinn na Gàidhlig air feadh na dùthcha a bhrosnachadh gus a chleachdadh am measg a chèile.
Faodaidh sibh sealltainn do dhaoine gu bheil sibh deiseil agus deònach Gàidhlig a bhruidhinn le bhith a’ cur oirbh bhràistean, steigearan is lainneardan Cleachdi agus faodaidh sibh cothroman Gàidhlig a chleachdadh a lorg air an làrach-lìn seo.
Dè seòrsa tachartasan a tha ri lorg air an làrach-lìn?
A h-uile seòrsa rud. Clubaichean còmhraidh, geamaichean spòrs, cèilidhean is còisirean - càil sam bith! Chan e tachartasan aghaidh ri aghaidh a-mhàin a bharrachd ach tachartasan air-loidhne cuideachd!
An tèid na tachartasan seo a' lìbhrigeadh sa Ghàidhlig?
Thèid na tachartasan seo uile a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin, neo co-dhiù 's e Gàidhlig am prìomh chànan a thèid a chleachdadh.
Cò a bhios a' ruith nan tachartasan?
Tha an làrach-lìn na ghoireas saor an-asgaidh do dhaoine agus bhuidhnean far an urrainn dhut tachartasan agus buidhnean Gàidhlig a shanasachd agus a lorg. Chan eil Cleachdi neo Bòrd na Gàidhlig a' lìbhrigeadh nan tachartasan - ’s e daoine agus buidhnean gu tur fa-leth a tha gan ruith. Chì sibh barrachd fios san àicheadh againn.
Am faod mise rudeigin a chur air dòigh mi fhìn?
Faodaidh gu dearbh! Faodaidh duine sam bith tachartas a chur air dòigh agus faodaidh tu fios a chur thugainn tron fhoirm fios-air-ais ma tha taic a dhìth ort airson sin a dhèanamh.
Cò a tha air cùlaibh Cleachdi?
’S e Bòrd na Gàidhlig a tha os cionn an làrach-lìn seo.
Dè an t-eadar-dhealachadh eadar Cleachdi agus #cleachdi?
’S e #Cleachdi ainm an iomairt air fad. Faodaidh sibh #cleachdi a chleachdadh air na meadhanan sòisealta, an dà chuid airson rudan a tha sibh a’ dèanamh a cho-roinn, agus gus faicinn na tha a’ dol ann an saoghal na Gàidhlig. 'S e Cleachdi ainm an làrach-lìn seo, a tha ann gus taic a thoirt dhan iomairt agus dhan coimhearsnachd Gàidhlig.