top of page

Fri, 22 Mar

|

Caisteal Urchadain

Ainmean-àite, Bàrdachd is Ceòl aig a’ Chaisteal

Feasgar a’ comharrachadh na Gàidhlig ann an Gleann Moireasdan agus Gleann Urchadain.

Ainmean-àite, Bàrdachd is Ceòl aig a’ Chaisteal
Ainmean-àite, Bàrdachd is Ceòl aig a’ Chaisteal

Àm is Àite

22 Mar 2024, 17:00 – 19:00

Caisteal Urchadain, Drumnadrochit, Inverness IV63 6XJ, UK

Mu dheidhinn an tachartas

Bu toil le Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) agus NàdarAlba cuireadh a thoirt dhuibh gu feasgar a’ comharrachadh na Gàidhlig ann an Gleann Moireasdan agus Gleann Urchadain. Carson nach tig sibh gu ar tachartas saor an-asgaidh, gus cluinntinn mu na pròiseactan anns an robh sinn an sàs agus na chaidh a lorg mu ainmean-àite, bàrdachd agus òrain Ghàidhlig na sgìre ionadail.

Gheibh sibh cothrom sùil nas mionaidiche a thoirt air toraidhean nam pròiseactan, cuairt a ghabhail timcheall Caisteal Urchadain agus an iùl claisneachd Gàidhlig ùr fheuchainn, a bharrachd air cothrom cabadaich le cèic is srùbag.

Feuch an clàraich sibh airson an tachartais tro Bookwhen ro 12f Diciadain 20 Màrt 2024.

Feuch an cuir sibh ceistean sam bith a th’ agaibh mun tachartas gu catriona.morrison@hes.scot  

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page