An A - U de dh'Uisge-Beatha
Wed, 21 Feb
|Microsoft Teams
Bruidhnidh an Dr Jake King bho Ainmean-Àite na h-Alba mu dheidhinn an leabhar as ùire aige 'The A to Z of Whisky Place-Names: Landscape, Language & Invention'.
Àm is Àite
21 Feb 2024, 19:00 – 20:30
Microsoft Teams
Mu dheidhinn an tachartas
Bruidhnidh an Dr Jake King bho Ainmean-Àite na h-Alba mu dheidhinn an leabhar as ùire aige The A to Z of Whisky Place-Names: Landscape, Language & Invention.
An robh ceist oirbh riamh mu na h-ainmean-àite a nochdas air botail uisge-bheatha? Dè na cànanan às an tàinig na h-ainmean, dè tha iad a’ ciallachadh agus an e ainmean ceart a th’ annta idir? Tha an leabhar seo a’ meòrachadh air gach ainm-àite le ceangal air choreigin ris an uisge-bheatha, an dàrna cuid mar ainm an uisge-bheatha fhèin no an taigh-staile. Bheir an t-ùghdar cunntas fiosraichte air tùs, eachdraidh is leasachadh gach ainm bho shealladh cànanach is eachdraidheil. Anns an òraid seo thèid a’ phrosbaig a chur air ainmean-àite Mhoireibh.
Bidh an tachartas seo ann an Gàidhlig is Beurla.
Faodar an tachartas seo a frithealadh an-asgaidh.
Clàraich air Eventbrite no cuir fios gu post-d: Karen.Delaney@moray.gov.uk no fòn: 07800 670692.
'S e Sgioba Coimhearsnachd Comhairle Mhoireibh (CLD) a bhios a' ruith an tachartais seo.