An Ceòl air Feadh na Fèinne
Wed, 31 Jan
|Tramway
Cuirm làn ciùil, òrain is sgeulachdan a thig beò air beul-aithris is laoidhean Fhinn ic Cumhail is a chòmhlan agus gaisgich eile. Thèid a chumail tro mheadhan na Gàidhlig is na Gaeilge, le mìneachadh sa Bheurla.
Àm is Àite
31 Jan 2024, 19:30 – 21:30
Tramway, 25 Albert Dr, Glaschu G41 2PE
Mu dheidhinn an tachartas
‘An Ceòl Air Feadh na Fèinne' - Cuirm làn ciùil, òrain is sgeulachdan a thig beò air beul-aithris is laoidhean Fhinn ic Cumhail is a chòmhlan agus gaisgich eile. 'S e an sgeul-gaoil tiamhaidh aig Diarmad is Gràinne a th' aig cridhe na cùise.
Chaidh aig sàr luchd-ciùil is aithris; Mhàiri Hall, Màiri Nic ille Mhaoil, Gràinne Holland, Eamon Doorley is Màrtainn Mac an t-Saoir air cuirm bheòthail tharraingeach a chruthachadh le faicill, thar ochd mìosan deug. Thèid a chumail tro mheadhan na Gàidhlig is na Gaeilge, le mìneachadh sa Bheurla.
Tiogaidean £17.92.
Lorgar barrachd fiosrachaidh agus cothrom clàradh an seo.
Le taic bho Bòrd na Gàidhlig agus TRACS.
Pàirt de dh'oidhche Gàidhlig aig Celtic Connections, còmhla ri Anne Martin is a charaidean leis An Tinne.