Ar Cànan ’s Ar Ceòl
Sat, 12 Oct
|An t-Òban
Oidhche air leth de cheòl traidiseanta agus cultar Gàidhlig le tàlant gu leòr bho air feadh Earra-Ghàidheal.
Àm is Àite
12 Oct 2024, 19:30 – 22:30
An t-Òban, 54 Corran Esplanade, Oban PA34 5AB
Mu dheidhinn an tachartas
’S e An Comunn Gàidhealach am buidhean ’s sinne ’s aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig. Bhon a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891, tha An Comunn air cliù a dhearbhadh ann an teagasg, ionnsachadh agus cleachdadh a’ chànain agus air brosnachadh a thoirt dha leudachadh litreachas, eachdraidh, ceòl agus ealain na Gàidhlig.
Leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fo sgèith agus obair leasachaidh sna coimhearsnachdan a’ dol am meud, tha An Comunn fhathast a’ daingneachadh na h-amais a bhith a’ brosnachadh agus a’ neartachadh cànan, cultar, eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.
Thigibibh ann airson deagh oidhche le tòrr ceòl mun cuairt oirbh!
Tiogaidean ri fhaighinn aig https://ancomunn.eventbrite.co.uk/ Prìs: £15 gun bhallrachd / £8 ballrachd / £5 fo aois 16