top of page

Às an Tobar

Sat, 11 Nov

|

Cnoc Soilleir

Tha ‘Às an Tobar’ air ais agus abair gu bheil dà latha air leth romhainn làn litreachais, òraidean, còmhradh agus ceòl. Thigibh a chèilidh oirnn!

Às an Tobar
Às an Tobar

Àm is Àite

11 Nov 2023, 11:00 – 16:00

Cnoc Soilleir, Cnoc Soilleir, Dalabrog, Uibhist a Deas, Na h-Eileanan an Iar HS8 5SS, RA

Mu dheidhinn an tachartas

Clàr-ama an latha

11m - Mgr Ailean Dòmhnullach

Mgr Ros Crichton a' bruidhinn mu òrain, bàrdachd agus eachdraidh Mhgr Ailean.

**Tì, Cofaidh & Greim-bìdh bho 12f**

1f - 2f - Òrain Mhurchaidh: Bùth-obrach Seinn le Mairead NicLeòid

Cothrom cuid de na h-òrain aig Murchadh MacPhàrlain ionnsachadh le Mairead NicLeòid bho na h-Òganaich.

2f - 3f - Cànan is Cridhe Mhurchaidh MhicPhàrlain, Bàrd Mhealaboist le Catrìona Mhoireach & Mairead NicLeòid

Catrìona Mhoireach ag innse barrachd mun ùidh aice ann an obair a' bhàird, a' bhuaidh a bh' aig na h-Òganaich oirre na deugaire agus an ùidh a ghabh i ann an obair Mhurchaidh ri linn sin.

3f - 4f - Còmhradh Gàidhlig le Catrìona Nic an t-Saoir

Leabhraichean gan reic tron latha!

Faodar gach tachartas a frithealadh an-asgaidh.

Lorgar barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn Ceòlas.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page