Beul-aithris Gàidhlig airson a' gheamhraidh
Sat, 30 Nov
|Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
Feasgar de sgeulachdan agus beul-aithris Gàidhlig bho dhiofar cheàrnaidhean de dh’Alba.
Àm is Àite
30 Nov 2024, 14:00 – 15:00
Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, George IV Bridge, Edinburgh EH1 1EW, UK
Mu dheidhinn an tachartas
Mar phàirt de dh’Fhèill Dhisathairne tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, ann an co-bhann le Comhairle nan Leabhraichean, a’ cumail feasgar de sgeulachdan Gàidhlig bho dhiofar cheàrnaidhean de dh’Alba, cuid a tha fìrinneach, agus cuid, ’s dòcha, nach eil.
Chan urrainnear cultar na Gàidhlig a sgaradh bho a sgeulachdan. Tha an seanchas a thàinig tro na linntean mar eachdraidhean do na Gàidheal, a bharrachd air deagh dhòigh cèilidh a ghabhail air oidhche fhuar gheamhraidh.
San naoidheamh- agus ochdamh-linn-deug thadhail daoine uasal air coimhearsnachdan Gàidhlig gus am beul-aithris a chruinneachadh agus a sgrìobhadh: eachdraidhean agus fathannan am measg sgeòil ghaisgeachd agus àbhachdas. San tachartas seo bidh Raghnall MacIlleDhuibh agus Alasdair MacIlleBhàin ag innse na sgeulachdan seo.
Tha an tachartas freagarrach do dh’aoisean 16+ air sgàth ’s gu bheil cuspairean anns na sgeulachdan nach biodh freagarrach do chloinn.
Tiogaidean: https://www.eventbrite.co.uk/e/beul-aithris-gaidhlig-airson-a-gheamhraidh-tickets-1079125646859?aff=Web
Lorgar barrachd fiosrachaidh air;
JF Campbell watercolour by permission of the National Library of Scotland