top of page

Fri, 12 Jan

|

Kilderkin

Bothan an Fhaoillich

Evie Waddell le Hammy Sgìth (Gàidhlig), agus Ellie Beaton (Albais).

Bothan an Fhaoillich
Bothan an Fhaoillich

Àm is Àite

12 Jan 2024, 19:30 – 21:30

Kilderkin, Canonsgait, Dùn Èideann, EH8 8BT

Mu dheidhinn an tachartas

Thig chun Am Bothan airson oidhche shònraichte de cheòl is òrain Albannach le Ellie Peutan, còmhla ri luchd-ciùil Gàidhlig - Hammy Sgith agus Evie Waddell.

'S e tachartas bliadhnail 'Scots with Gaelic' a th' ann. Tha sinn an dùil am prìomh sheòmar Kilderkin a chleachdadh. 

'S ann à Rothienorman ann an Siorrachd Obar Dheathain a tha an seinneadair Ellie Beaton (BBC Young Trad Finalist 2021). Ghabh i ùidh ann an ceòl traidiseanta bho aois òg, agus bhon uair sin tha i air a’ cheumnachadh bhon Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Tha guth air leth aice le buaidh bho dhualchas Albais agus ceòl clasaigeach.

Tha Hammy Sgìth stèidhichte ann an Glaschu ach bidh e a’ toirt taic dhuinn an seo aig Am Bothan Dhùn Èideann. Bidh Hammy ag obair san nòs ùr do cheòl Gàidhlig tro Hip-Hop, rap agus cuideachd sna h-ealain labhairteach.

Tha Evie Waddell na seinneadair is neach-ciùil Gàidhlig/Albais a bhuineas do Shiorrachd Shruighlea. Tha ùidh mhòr aice ann an ceòl Albannach, gu sònraichte bho Jo Miller. Tha a ceòl cuideachd faighinn buaidh bho Ivor Cutler, Martyn Bennett, Lisa O’Neill, agus Rhiannon Giddens.

’S e Phil Reid (bhon bhuidheann Oor Vyce) agus Antonia MacColl bhon Chomunn Ceilteach (UofE) a bhios againn mar MC’s airson an fheasgair.

Tha tabhartasan air am moladh agus tha Am Bothan a' gabhail riutha sa cheangal Eventbrite gu h-ìosal.

Faodar clàradh airson an tachartas air Eventbrite.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun Bhothan an seo.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page