Bùth-obrach GaelPop
Fri, 19 May
|Acadamaidh Inbhir Pheofharain
Ann am bùth-obrach do dh’òigridh aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain, bidh na h-oileanaich a’ cleachdadh òrain clàr Mharcais, Speactram, gus faighinn a-mach mu structaran òran pop, a’ lorg dòighean beatha-èolas nan òg a chur an cèill tro GhaelPop.
Àm is Àite
19 May 2023, 13:15 – 14:15
Acadamaidh Inbhir Pheofharain, A862, Dingwall IV15 9LT, UK
Mu dheidhinn an tachartas
Tha Marcas Mac an Tuairneir na bhàrd is òranaiche a tha air iomadh duais a chosnadh, thar nam bliadhnaichean. A’ stiùireadh bùth-obrach do dh’òigridh aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain, bidh na h-oileanaich a’ cleachdadh òrain clàr Mharcais, Speactram, gus faighinn a-mach mu structaran òran pop, a’ lorg dòighean beatha-èolas nan òg a chur an cèill tro GhaelPop.
Tha an fhèis as fheàrr ann an Inbhir Pheofharain air ais le cinn-latha ùra sa Chèitean!
Bidh tachartasan a’ gabhail àite ann an Club Siorrachd Rois, Bùth Leabhraichean Highflight, air an t-sràid, agus bidh là làn thaisbeanaidhean, leabhraichean, dràma, ceòl agus Gàidhlig againn air Disahairne – uile ann an Talla Baile Inbhir Pheofharain. Tha a’ mhòr-chuid de thachartasan an-asgaidh no ‘Pàigh na tha thu ag iarraidh’. Tha sinn an dòchas ur faicinn ann!
Tha Word on the Street a’ faighinn taic bho Maoin fo Ùghdarras Ùard Inbhir Pheofharain is Shìophoirt Comhairle na Gàidhealtachd. Tha an tachartas air a chur air dòigh fo bhratach Luchd-cluiche Inbhir Pheofharain le: Nick Fearne, Bill Anderson, Phil Baarda, Sherry Morris, Donna Macrae, Simon Berry.