top of page

Sun, 25 Feb

|

Talla Crawford

Bùth-obrach is Tachartas Sgaoilidh le Còisir Alba

Thig gu bùth-obrach is tachartas sgaoilidh le Còisir Alba, buidheann a chaidh a chruthachadh airson farpais Eurovision ann an Gothenburg!

Bùth-obrach is Tachartas Sgaoilidh le Còisir Alba
Bùth-obrach is Tachartas Sgaoilidh le Còisir Alba

Àm is Àite

25 Feb 2024, 10:30 – 17:30

Talla Crawford, 110 Beith St, Glaschu G11 6HB

Mu dheidhinn an tachartas

Tha Còisir Alba a' cur fàilte chridheil oirbh uile!

Chaidh Còisir Alba a chruthachadh gus Alba a riochdachadh aig farpais Eurovision nan Còisirean ann an Gothenburg agus leis gun deach e cho math tha sinn air leantainn oirnn leis a' chòisir gus ar cànan is cultar brosnachadh air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta. 

Gus na h-amasan againn a choileanadh tha sinn airson na h-òrain a bhith sinn a' seinn a meudachadh le bùth-obrach airson deasachadh còisire ùr le Sìleas Nic Na Ceàrdaich. Cuiridh sinn crìoch air a' bhùth-obrach le taisbeanadh poblach de na h-òrain ùra is sean againn. 

Aig deireadh an là bidh cèilidh neo-fhoirmeil ann le taisbeanaidhean bho dhuine sam bith, bhon chòisir no bhon mhòr-shluagh. 'S dòcha gum bi deoch an dorais ri fhaotainn mus teich sibh!

Faodar an tachartas seo a frithealadh an-asgaidh.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page