Cafaidh Ghàidhlig
Sat, 03 Feb
|Taigh-dealbh Birks
Bheir an Cafaidh Gàidhlig mìosail againn cothrom dhut an cànan a chleachdadh fhad ‘s a bhios tu a’ measgachadh le luchd-labhairt de gach aois.
Àm is Àite
03 Feb 2024, 10:15 – 12:15
Taigh-dealbh Birks, 1 Dunkeld St, Aberfeldy PH15 2DA, UK
Mu dheidhinn an tachartas
Fàilte! Tha sinn a’ brosnachadh mothachadh do dhualchainnt dhùthchasach na sgìre sa choimhearsnachd againn le diofar ghnìomhan co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a tha a’ ruith fad na bliadhna.
Tha àireamh mhòr de luchd-labhairt na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd ann an Siorrachd Pheairt agus tha barrachd ainmean-àite Gàidhlig san sgìre na tha ann an sgìre sam bith eile. Tha e na dhachaigh do Mhòd Roinneil Siorrachd Pheairt & Aonghais cuideachd.
Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ fàs ann an Acadamaidh Bhràgh Albainn – àrd-sgoil Siorrachd Pheairt – agus tha àrdachadh ann an làthaireachd, agus cothrom air a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus a cleachdadh, na phrìomhachas aig Urras Taigh-dhealbh Birks.
Tha tòrr dhòighean ann airson a dhol an sàs leis a' Ghàidhlig, bho tachartasan litreachas agus òraidean a’ ceangal cànan, cultar agus traidiseanan na Gàidhlig gu taisbeanaidhean film co-cheangailte ris a' chànan agus barrachd!
Bheir an Cafaidh Gàidhlig mìosail againn cothrom dhut an cànan a chleachdadh fhad ‘s a bhios tu a’ measgachadh le luchd-labhairt de gach aois is comas ann an suidheachadh socair. Bidh tì is briosgaidean ri fhaighinn.
Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh le Taigh-dealbh Briks.