Ceannardan Òga na Gàidhlig
Tue, 27 Jun
|Zoom
Cothrom airson tighinn còmhla ri daoine òga (18-40) eile a tha ag iarraidh na coimhearsnachdan aca a leasachadh.
Àm is Àite
27 Jun 2023, 09:00 – 13:00
Zoom
Mu dheidhinn an tachartas
Seo cothrom airson tighinn còmhla ri daoine òg eile eader 18-40 airson seisean lasadh inntinn far am faigh sibh cothrom bruidhinn ri feadhainn eile bho dhiofar àiteachan agus na sgilean stiùiridh agaibh a leasachadh.
‘S e cothrom air leth a bhios an seo airson innse dhan an Acadamaidh Iomairt Shòisealta (Social Enterprise Academy) dè na cuspairean leis am bu chòir dhuinn dèiligeadh ann am prògram sònraichte do dh’inbhich òg a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan Gàidhlig, mar na h eileanan. Innis dhuinn dè na cuspairean a tha cudromhach dhuibh agus dha na coimhearsnachdan agaibh, agus cuiridh sinn prògram eile ri chèile a choimheadas air na rudan sin!
'S e deagh chothrom a bhios ann na sgilean stiùiridh a leasachadh cuideachd.
Bheir an seisean seo sùil air:
- Mar a tha cultar na Gàidhlig a toirt buaidh air do choimhearsnachd.
- Na duilgheadasan air leth ann a bhith a’ stiùireadh ann an sgìrean dhùthchail.
- Sgeulachdan brosnachail mu dheidhinn cultar nan Gàidheal an diugh.
- Do bheachdan airson do choimhearsnachd a leasachadh.
- Bruidhinn ri daoine eile a tha ag obair ann an coimhearsnachdan Gàidhlig
Lorg barrachd fiosrachaidh air ar làrach-lìn agus clàraich airson a' phrògram an seo.