Tue, 16 Jan
|Loidse Ghrogaraidh
Ceannardan Òga na Gàidhlig
Cothrom do luchd-labhairt òga na Gàidhlig sgilean ceannais agus cothroman lìonraidh a leasachadh.


Àm is Àite
16 Jan 2024, 12:00 – 18 Jan 2024, 12:00
Loidse Ghrogaraidh, B890, Isle of South Uist HS8 5RR, UK
Mu dheidhinn an tachartas
Bheir am prògram seo cothrom do luchd-labhairt òga na Gàidhlig – eadar 18-40 – sgilean ceannais agus cothroman lìonraidh fhaighinn a ghabhas cleachdadh gus an dreuchd coimhearsnachd aca fhèin adhartachadh, iomairtean sòisealta, buidhnean no gnìomhachasan beaga a thòiseachadh agus/no fhàs a tha a’ dèiligeadh leis na cothroman agus na duilgheadasan a th’ anns na sgìrean aca.
Chaidh am prògram seo a dhealbhadh airson luchd-stiùiridh òga a tha stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan no a tha airson barrachd ionnsachadh mu àite na Gàidhlig san sgìre, aig a bheil ùidh ann a bhith a’ rannsachadh cuspair leasachadh coimhearsnachd taobh a-staigh co-theacs Gàidhlig.
Thèid d’ àite air a’ phrògram, àite-fuirich agus biadh air a mhaoineachadh. Feumaidh tu na cosgaisean siubhail agad fhèin a phàigheadh.
Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh leis an Social Enterprise Academy. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun obair aca agus na tachartasan aca air: