top of page

Cèilidh Coimhearsnachd

Sat, 01 Mar

|

Community Circus Paisley

Cèilidh coimhearsnachd ann am Pàislig!

Cèilidh Coimhearsnachd
Cèilidh Coimhearsnachd

Àm is Àite

01 Mar 2025, 18:00 – 21:00

Community Circus Paisley, 85 Blackstoun Rd, Paisley PA3 1NR, UK

Mu dheidhinn an tachartas

Dèan deiseil airson oidhche de cheòl, dannsa, agus spiorad coimhearsnachd aig Taigh-cèilidh, comharrachadh air cultar na Gàidhlig a tha fosgailte dhan a h-uile duine! Ge bith an e seann cheilidh a th’ annad neo gu tur ùr don eòlas, ’s e cothrom air leth a th’ anns an tachartas seo airson ceòl traidiseanta Albannach a mhealtainn, ceangal a dhèanamh ri càch, agus do bhogadh fhèin ann an traidiseanan na Gàidhlig.


Dè tha fa near dhuibh?

  • Còmhlan Cèilidh Beò – Dannsa an oidhche air fad le puirt beòthail air an seinn le luchd-teagaisg tàlantach Fèis Phàislig.

  • Coileanadh Còisir Ghàidhlig – Faigh eòlas air draoidheachd òrain thraidiseanta Ghàidhlig, agus pàirt a gabhail ann am buidheann a’ seinn air adhart (na gabh dragh, gheibhear duilleagan le na faclan!).

  • Dannsa is Comharrachadh - Ionnsaich dannsan traidiseanta ann an àrainneachd spòrsail is càirdeil, a tha freagarrach airson gach aois is ìre sgil.

  • Bèicearachd le fàilte air tabhartasan gus taic a thoirt don tachartas.


Chan fheumar càil a phàigheadh airson an cèilidh seo a frithealadh!


Ma tha sibh airson ionnsramaid a chluich, sgeulachd a cho-roinn, neo dìreach a’ gabhail fois, bidh fàilte bhlàth oirbh aig an Taigh-cèilidh.


Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh le Fèis Phàislig mar phàirt de Seachdain na Gàidhlig. Lorgar barrachd fiosrachaidh air;

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page