Cèilidh le Còmhlan Anndra Dhòmhnallaich, Emma NicLeòid agus Iain MacCarmaig
Fri, 06 Sept
|Gairloch Communtiy Hall Gairloch
Thigibh ann airson deagh oidhche de chraic is ceòl!
Àm is Àite
06 Sept 2024, 19:30 – 22:30
Gairloch Communtiy Hall Gairloch , Highland Council, IV21 2DN
Mu dheidhinn an tachartas
Bidh fear de na cluicheadairean bogsa òga as fheàrr à sgìre Loch Abar, Anndra Dòmhnallach, a’ cumail nan dannsairean a’ dol fad na h-oidhche le stoidhle ciùil a’ Chost an Iar follaiseach na chluich.
Tha Emma NicLeòid, à Eilean Sgalpaigh, ainmeil mar sheinneadair Gàidhlig an dèidh dhi Bonn Òr an t-Seann Nòis a chosnadh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis ann an 2021 agus Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2023. Tha Emma gu mòr an sàs ann an saoghal nan còisirean, a’ riochdachadh na h-Alba aig Còisir Eurovision na Bliadhna ann an 2019, agus ann am Binneas a stèidhich i còmhla ri Iain Eòsaph MacNèill. Bidh Emma a’ nochdadh gu cunbhalach air rèidio, TBh mar phreasantair, ban-chleasaiche agus neach-ciùil agus tha fèill mhòr oirre aig cuirmean agus cèilidhean air feadh na dùthcha.
'S e seinneadair òg Gàidhlig às an Eilean Sgitheanach a th' ann an Iain MacCarmaig. Thòisich e a’ seinn aig aois òg agus bhuannaich e Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2023. Thill Iain don Eilean Sgitheanach o chionn ghoirid an deidh dha crìoch a chur air a chùrsa aig Oilthigh Shrath Chluaidh.
Tiocaidean: £15 inbheach, £12 concession, £5 u-18, £36 buidhean (2 inbheach, 2 u-18)
Lorgar barrachd fiosrachaidh mun tachartas an seo.
Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh mar phàirt den fhèis Blas agus lorgar barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn air;