Cèilidh le Còmhlan Raibeart Nairn is Claire Frances NicNìll, Calum MacColla agus òigridh Fèis Lochabair
Sat, 14 Sept
|Roybridge Memorial Hall
Thigibh ann gu oidhche air leth le tòrr ceòl is craic ri faighinn!
Àm is Àite
14 Sept 2024, 20:00 – 15 Sept 2024, 23:00
Roybridge Memorial Hall, Braeroy Rd, Roybridge, Roy Bridge PH31 4AJ, UK
Mu dheidhinn an tachartas
Buinnidh Raibeart Nairn do bhaile Cheanntra ann an Àrd nam Murchan. Tha an ceòl a bhios e a’ cluich air a’ bhogsa phutain freumhaichte ann an dualchas Gàidhlig is pìobaireachd a’ chosta an iar. Bidh a bhràthair, Ailean Nairn, còmhla ris air na drumaichean agus a’ ghiotàr gus cèilidh bheòthail a chumail a’ dol tron oidhche.
Tha Claire Frances NicNèill air aon de na guthan ùra as inntinniche a tha ri chluinntinn ann an saoghal ceòl traidiseanta na h-Alba. Le freumhan ann an Eilean Bharraigh agus Loch Abar, tha a stoidhle seinn stèidhichte ann an traidiseanan a h-òige.
Bhuannaich an t-seinneadair, pìobaire agus cluicheadair bogsa-ciùil, Calum MacColla, a bhuineas don Ghearasdan bho thùs, Bonn Òir an t-Seann Nòis aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis 2022 agus tha fèill mhòr air aig tachartasan air feadh na dùthcha. Tha e cuideachd nochdadh gu tric air telebhisean agus e na neach-craolaidh na sìde aig BBC Scotland.
Tiocaidean:
- Inbheach - £15
- Concession - £12
- Fo 18 - £5
- Buidheann (2 inbheach & 2 neach fo 18) - £36
Faodar tiocaidean a cheannach an seo.
Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh mar phàirt den fhèis Blas. Lorgar barrachd fiosrachaidh mun fhèis air;