top of page

Ceòl is Craic @ Celtic Connections

Sat, 27 Jan

|

CCA

Is e còmhlan Cuimreach indi roc à Carmarthen a th’ ann an Adwaith. Tha TEUD na cho-obrachadh eadar fìdhlearan; Claire Frances NicNèill, Shona Masson agus Jamie Dòmhnallach. Fad na slighe à Nirribhigh, tha an còmhlan Gabba.

 Ceòl is Craic @ Celtic Connections
 Ceòl is Craic @ Celtic Connections

Àm is Àite

27 Jan 2024, 20:00 – 23:00

CCA, 350 Sràid Sauchiehall, Glaschu G2 3JD

Mu dheidhinn an tachartas

Is e còmhlan Cuimreach indi roc à Carmarthen a th’ ann an Adwaith, anns a bheil Gwenllian Anthony (beus), Hollie Singer (seinn, giotàr) agus Heledd Owen (drumaichean). Dh’fhoillsich Adwaith a’ chiad chlàr singilte aca ‘Pwysau’ agus an t-albam ‘Melyn’ ann an 2016 le albam eile ‘Bato Mato’ às dèidh sin ann an 2022. Gu h-eachdraidheil, b’ iad a’ chiad chòmhlan a bhuannaich Duais Chiùil na Cuimrigh dà uair. Mar chòmhlan a tha freumhaichte anns a’ Chuimrigh agus a dualchas, tha Adwaith a’ coimhead a dh’ionnsaigh an ama ri teachd agus iad cuimsichte gu mòr air a’ chànan aca a thoirt air feadh an t-saoghail.

Tha TEUD na cho-obrachadh eadar fìdhlearan; Claire Frances NicNèill, Shona Masson agus Jamie Dòmhnallach. Tha gach aon dhiubh sin a’ tarraing air dualchas ciùil is cultair an eileanan fa leth fhèin, a’ toirt co-mheasgachadh air leth de cheòl is òrain Ghàidhlig gu buil nan taisbeanadh de ‘stoidhle fìdhlearachd Innse Gall’.

Fad na slighe à Nirribhigh, tha an còmhlan Gabba, còmhlan Sámi a bhios a’ co-mheasgachadh joik traidiseanta (aon de na traidiseanan òrain as sine san Roinn Eòrpa) le buaidh bho thuath-cheòl Nirribhigh, Americana agus “ciùil cruinneil” eile, leis na Tundra Blues aca fhèin. Tha an ceòl aig Gabba na ìomhaigh de dhòigh-beatha an t-sluaigh Sámi, agus gach òran a’ giùlain an neach-èisteachd gu cruthan-tìre mòra àibheiseach na h-Artaig.

Tiogaidean £16.80.

Lorgar barrachd fiosrachaidh is cothrom clàradh an seo.

Tha an tachartas seo mar phàirt de Celtic Connections

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page