Cìobairean Bheàrnaraigh
Sun, 03 Nov
|Eden Court
Sealladh de phrògram aithriseach àlainn a tha a’ fighe ri chèile guthan nan eileanach bho 1978 agus 1979.
Àm is Àite
03 Nov 2024, 17:45 – 18:45
Eden Court, Bishops Rd, Inverness IV3 5SA
Mu dheidhinn an tachartas
Bha luchd-dèanamh fhilmichean Allen Moore agus Jack Shea a’ fuireach air an eilean beag iomallach Beàrnaraigh bho 1978 gu 1979 gus na ceithir ràithean de dh’obair nan croitearan a filmeadh fhad ‘s a bha iad a’ cumail nan caorach aca air an eilean agus uisgeachan a bha gu tric cunnartach ann an Caolas na Hearadh.
Tha am prògram aithriseach àlainn aca a’ fighe ri chèile guthan nan eileanach – am beatha, an cuimhneachain, na h-òrain, agus an sgeulachdan – agus guth cumhachdach na tìre fhèin gus sgeulachd iongantach innse mu imrich èiginneach, call, fulangas agus gaol maireannach na dùthcha.
Cosgais: £9.50
Gheibhear tiocaidean air làrach-lìn Eden Court an seo.
Chaidh an tachartas seo a chuir air dòigh le Eden Court mar phàirt de Fhèis Film Inbhir Nis. Lorgar barrachd fiosrachaidh mun obair aca agus na tachartasan eile a thathar a' cur air dòigh air;