Coisir Ghàidhlig Chomar nan Allt
Mon, 24 Apr
|Eaglais Naomh Mhungain
Ag ionnsachadh òrain 's a Ghàidhlig còmhla ri oide . Fosgailte do dhuine sam bith.
Àm is Àite
24 Apr 2023, 19:30 – 20:30
Eaglais Naomh Mhungain, 4 St Mungo's Rd, Cumbernauld, Glasgow G67 1QP, UK
Mu dheidhinn an tachartas
Tha Còisir Comar nan Allt a' coinneachadh aghaidh ri aghaidh gach Diluain gus òrainn ùr ionnsachadh agus gus a dhol tharais an an fheadhainn a tha sinn air ionnsachadh roimhe, le taic bho oide.
Chaidh an còisir a stèidheachadh ann an 1996 le daoine a ghluais dhan sgìre bho na h-eileanan is a' Ghàidhealtach agus tha sinn air a bhith a' seinn còmhla on uair sin! Bha a’ chiad shoirbheachas mòr againn ann an 1993 aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Àird Ruaidh nuair a choisinn sinn Cupa Mairead Duncan airson còisirean a’ bhaile. Às deidh dhuinn an cupa seo a bhuannachadh airson trì bliadhna an dèidh a chèile, thòisich sinn a’ farpais san frpais Lòbhait & Thulaich Bhàrdainn agus tha sinn air duaisean a chosnadh grunn thursan ged nach eil sinn fhathast air a’ chiad àite a bhuannachadh.
A bharrachd air a bhith a’ gabhail pàirt ann am farpaisean bidh a’ chòisir cuideachd a’ seinn aig diofar thachartasan tron bhliadhna, a’ gabhail a-steach cuirmean aig Feasgaran Gàidhlig Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath agus a' chuirm-chiùil/cèilidh againn fhèin.
Lorgar barrachad fios air na meadhanan sòisealta: