Mon, 09 Sept
|Isle of Skye Co. Visitor Centre
Com-pàirteachas | LAS present Sian
Ceitlin Lilidh, Eilidh NicCarmaig agus Ellen NicDhòmhnaill – còmhla ri Innes MacIlleBhàin air a bheil fèill mhòr mar neach-ciùil
Àm is Àite
09 Sept 2024, 19:30 – 22:30
Isle of Skye Co. Visitor Centre, Viewfield Rd, Portree IV51 9EU
Mu dheidhinn an tachartas
Air an toirt còmhla an toiseach aig Fèis Blas ann an 2016, gus bàrdachd nam ban a thoirt gu aire dhaoine, tha triùir de na seinneadairean òga Gàidhlig as fheàrr an-diugh ann an Sian – Ceitlin Lilidh, Eilidh NicCarmaig agus Ellen NicDhòmhnaill – còmhla ri Innes MacIlleBhàin air a bheil fèill mhòr mar neach-ciùil.
Le ceanglaichean ri Leòdhas, an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist a Tuath, tha faireachdainn dhomhainn an dualchais follaiseach nan cuid seinn le co-sheirmean eireachdail, a dh’fhàg daoine coimeas a dhèanamh eadar Sian agus The Staves agus eadhon Crosby, Stills, Nash & Young. Chaidh a’ chiad chlàr aca fhèin, air a riochdachadh le Dòmhnall Seathach, fhoillseachadh ann an 2020 agus tha iad an-dràsta a’ clàradh òrain ùra.
Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh mar phàirt den fhèis Blas agus lorgar barrachd fiosrachaidh mu dheaidhinn an seo.
Tha tiocaidean a' chossg £15 agus thathar rim faighinn an seo.
Lorgar barrachd fiosrachaidh mun fhèis Blas air;