top of page

Cuir air Bhog Taisbeanadh Dà-chànanach Sgeul | Story: Folktales from the Scottish Highlands

Thu, 22 Jun

|

Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Cuir air bhog taisbeanadh dà-chànanach mu Iain Frangan Caimbeul - Iain Òg Ìle - fear bhon 19mh linn a rinn a dhìcheall gus sgeulachdan Gàidhlig a bha ann an cunnart dol à bith a shàbhaladh.

Cuir air Bhog Taisbeanadh Dà-chànanach Sgeul | Story: Folktales from the Scottish Highlands
Cuir air Bhog Taisbeanadh Dà-chànanach Sgeul | Story: Folktales from the Scottish Highlands

Àm is Àite

22 Jun 2023, 17:30 – 18:30

Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, George IV Bridge, Dùn Èideann, EH1 1EW, UK

Mu dheidhinn an tachartas

Bidh Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a’ cumail a’ chiad taisbeanadh dà-chànanach aca a-riamh am-bliadhna mar chomharrachadh air obair Iain Frangan Caimbeul - Iain Òg Ìle – fear bhon 19mh linn a rinn a dhìcheall gus sgeulachdan Gàidhlig a bha ann an cunnart dol à bith a shàbhaladh.

Aig an cuir air bhog seo, cluinnear còmhradh mu Iain Frangan Caimbeul Ìle (1821 gu 1885), a chruinnich, le cuideachadh, sgeulachdan bho air feadh Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba. Tha an t-Oll. Domhnall Uilleam Stiùbhart na òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig, colaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach. Cleachdaidh an t-Oll Stiùbhart cruinneachaidhean farsaing an Leabharlainn Nàiseanta gus beatha inntinneach is iongantach Iain Frangan Caimbeul a chlàradh.

Thèid seo a chumail an dà chuid air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh agus gheibhear barrachd fiosrachaidh tron cheangal seo: 

https://www.eventbrite.co.uk/e/john-francis-campbell-stories-of-a-life-and-a-life-of-stories-tickets-630040166097

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page