Cur air bhog: An Cat Coigreach
Fri, 24 May
|Comhairle nan Leabhraichean
Nach tig sibh ann feasgar Haoine, an 24mh den Chèitean aig Comhairle nan Leabhraichean gus An Cat Coigreach a chur air bhog còmhla ri ùghdair June Ghreumach!
Àm is Àite
24 May 2024, 16:00 – 17:00
Comhairle nan Leabhraichean , 32 Sràid Achadh a' Mhansa Glaschu, G11 5QP
Mu dheidhinn an tachartas
Tha an tachartas seo do chloinne aig aoisean 8-12 agus luchd-ionnsachaidh aig a h-uile aois! Bidh sùgh is briosgaidean ann, geama beag, agus bidh an ùghdair a’ leughadh earrainn bhon leabhar. Bidh geàrr-chunntas ri fhaighinn anns a’ Bheurla.
’S e cat dubh a th’ ann am Pangur agus tha e a’ fuireach gu dòigheil leis a theaghlach ann am Bern, baile brèagha san Eilbhis – gus an latha a tha iad a’ cur romhpa tilleadh a dh’Alba! A-nis tha e na chat coigreach ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, agus chan eil na cait eile coibhneil ris idir. Tha Pangur a’ cur roimhe gum fàg e an eilean agus gun till e gu Bern. Agus tillidh a theaghlach cuideachd nuair a thig na stoirmean as t-fhoghar … nach till? Leanaibh na cuairtean-dànach Phanguir thar na dùthcha, a’ teicheadh bho chunnart an dèidh cunnart, gus an ionnsaich e cho cudromach ’s a tha càirdean agus teaghlach.
Clàraich an seo: https://www.eventbrite.co.uk/e/cur-air-bhog-an-cat-coigreach-tickets-905902908987?aff=oddtdtcreator