Cur air bhog: Govanhill Mythology
Thu, 14 Nov
|Comhairle nan Leabhraichean
A' comharrachadh leabhar bàrdachd ùr le Shane Johnstone, Govanhill Mythology, a tha na luaidh do Chnoc a' Ghobhainn.


Àm is Àite
14 Nov 2024, 18:30 – 19:30
Comhairle nan Leabhraichean , Mansfield St, Partick, Glasgow G11 5QP, UK
Mu dheidhinn an tachartas
Tha an cruinneachadh bàrdachd Govanhill Mythology ceangailte ri cridhe coimhearsnachd Cnoc a’ Ghobhainn. Aig aon uair ainmeil airson murt, ’s e baile beòthail còir a th’ ann a-nis.
Chaidh am bàrd Shane Johnstone a thogail ann an Cnoc a’ Ghobhainn, far am faca e na h-atharraichean mòra a thàinig air a’ bhaile ri taobh Abhainn Chluaidh.
Bho bhochdainn, tinneas agus eucoir, tha an t-àite a-nis na dheagh dhachaigh gu mòran, le iomadh dhual-chainntean, cànain agus cultaran.
Tha na dàin san leabhar a’ toirt iomradh air na chaidh a chall tro na h-atharraichean, ach aig an aon àm ag aithneachadh adhartas ann am beatha nan daoine a tha a’ fuireach ann.Bidh Shane Johnstone ag aithris a chuid bhàrdachd agus ann an còmhradh le Niall O’Gallagher.
Faodair tiogaidean fhaighinn an-asgaidh tro Eventbrite an seo.
Lorgar barrachd fiosrachaidh air:
- Làrach-lìn Comhairle nan Leabhraichean
- X