Cur air bhog: Mo Shearmon | What I Have to Say
Wed, 21 Jun
|Comhairle nan Leabhraichean
Bidh leabhar bhàrdachd ùr le Crìsdean MacIlleBhàin, Mo Shearmon / What I Have to Say, ga chur air bhog ann am bùth Comhairle nan Leabhraichean air Seachdain nam Bùithtean Leabhraichean Neo-eisimeileach 2023!
Àm is Àite
21 Jun 2023, 19:00 – 20:00
Comhairle nan Leabhraichean, 32 Mansfield St, Partick, Glasgow G11 5QP, UK
Mu dheidhinn an tachartas
Tha Crìsdean na sgìobhaidear, bhàird is eadar-theangaichear cliùiteach, le obair sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.
Tha an dàn fada cumasgta 'Mo Shearmon' a’ dèiligeadh ri iomadh cuspair agus a’ gabhail a-steach iomadh ìomhaigh, gach uair mar choltas air na th’ aig am bàrd ri ràdh agus an dòigh air an canar e. ’S e dàn cluicheach, aincheartach, amasgaidh a th’ ann, gun fhios sam bith aig an leughadair càit’ an tèid a stiùireadh no dè tha dol a’ leantainn. Sna dàintean goirid eile nochdaidh faireachdainnean, àiteachan is pearsannan diofraichte, càirdean is nàimhdean còmhla, anns an fhradharc Eòrpach a tha àbhaisteach ann an obair Crìsdean MacIlleBhàin.
Tha an tachartas an-asgaidh.
Clàr àite an seo: https://www.eventbrite.co.uk/e/cur-air-bhog-mo-shearmon-what-i-have-to-say-tickets-642197188077