Cùrsa Bogaidh 2 Latha
Sat, 23 Mar
|Cultarlann Inbhir Nis
Cùrsa airson an fheadhainn a tha air an rathad gu fileantachd. Bidh an oide gan cuideachadh is gan brosnachadh a bhith a cleachdadh an eòlas a th' aca mu-thràth ach ga daingneachadh is leasachadh le gnàthasan-cainnt, pàtranan ùra is còmhraidhean mu chuspairean iomchaidh.


Àm is Àite
23 Mar 2024, 09:30 – 24 Mar 2024, 15:30
Cultarlann Inbhir Nis, Sràid Acadamaidh Inbhir Nis, A' Ghàidhealtachd IV1 1NH
Mu dheidhinn an tachartas
Tha an cùrsa seo airson an fheadhainn a tha air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig fad grunn bhliadhnachan, aig a bheil deagh thuigsinn den chanain, ach chan eil iad ro mhisneachail a thaobh bruidhinn is còmhradh. Oileanaich a tha air an rathad gu fileantachd.
Bidh an oide gan cuideachadh is gan brosnachadh a bhith a cleachdadh an eòlas a th' aca mu-thràth ach ga daingneachadh is leasachadh le gnàthasan-cainnt, pàtranan ùra is còmhraidhean mu chuspairean iomchaidh.
'S e Pàdruig Moireach an oide air an dà latha sònraichte a tha seo, a bhios a' gabhail àite anns a' Chultarlann ùr, meadhan a' bhaile Inbhir Nis.
Cosgaidh an cùrsa £120.
Ma tha ùidh agaibh anns a' chùrsa seo, no ma tha cèist sam bith agaibh nach cuir sibh post-dealan gu: susanne@cultarlann.scot
'S e Cultarlann Inbhir Nis a bhios a' ruith an tachartais seo.