top of page

Mon, 19 Feb

|

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Dannsa airson na Gàidhlig - Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Clas de cheòl is ghluasad airson clann agus am pàrantan/luchd-cùraim, gus an slàinte inntinn is sunnd easachadh tro ghluasad agus coinneachadh ri daoine eile, uile tro mheadhan na Gàidhlig. Tha fàilte air luchd-labhairt agus duine sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Dannsa airson na Gàidhlig - Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Dannsa airson na Gàidhlig - Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Àm is Àite

19 Feb 2024, 15:30 – 16:15

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, Sir Walter Scott Drive, An t-Slag Bhuidhe, Inbhir Nis IV2 6BA

Mu dheidhinn an tachartas

Ionnsaichidh sinn abairtean is òrain tron t-seisean agus bidh duilleagan de dh'òrain is de bhriathran ann airson toirt dhachaigh còmhla riut às dèidh a' bhùth-obrach. Bheir an seisean seo eòlas air Gàidhlig do theaghlaichean aig nach eil Gàidhlig agus eòlas air na buidhnean cloinne, sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean Gàidhlig ionadail.

Tiogaidean £6.50.

Clàraich airson an tachartais an seo.

Bidh an tachartas seo air a ruith le Sgoil Dannsa Cheryl Heggie.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page