‘Do chànan, do chothrom’ ann an Ìle
Wed, 21 Feb
|Àrd-sgoil Ìle
Bu toil le Àrd-sgoil Ìle tachartas mòr sgoile a dhèanamh a chuireas fàilte air ar coimhearsnachd. Bidh còmhradh Gàidhlig a bhrosnachadh fhad ’s a tha còmhlan-ciùil traidiseanta na sgoile a' cluich.
Àm is Àite
21 Feb 2024, 14:00 – 15:30
Àrd-sgoil Ìle, Bogh Mòr, Ìle PA43 7LS
Mu dheidhinn an tachartas
Bidh co-fharpais ealain againn - cleachdaidh sinn na dealbhan seo ann an taisbeanadh agus nì sinn bùithtean-obrach far am bi daoine a’ dèanamh prìneachan le Gàidhlig sgrìobhte orra.
Chì a’ choimhearsnachd buaidh na Gàidhlig anns na cuspairean eile cuideachd, m.e. ealain Ceilteach, ainmean àite airson cruinn-eòlas. A bharrachd air sin bidh sinn a’ sealltain ar cànan, cùltar agus cothroman ann an Gàidhlig agus a’ coimhead air na fiomlaichean a rinn sinn airson Film G.
Faodar an tachartas seo a frithealadh an-asgaidh.
Mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig.
'S e Àrd-sgoil Ìle a bhios a' ruith an tachartas seo.