top of page

Wed, 20 Mar

|

Ionad Sgeulachdan na h-Alba

Donnchadh Bàn aig 300

Cuirm-chiùil shònraichte a chomharrachadh an 300mh co-là breith aig an t-sàr-bhàrd Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir.

Donnchadh Bàn aig 300
Donnchadh Bàn aig 300

Àm is Àite

20 Mar 2024, 19:30 – 21:00

Ionad Sgeulachdan na h-Alba, 43-45 Àrd Shràid, Dùn Èideann EH1 1SR

Mu dheidhinn an tachartas

Anns a’ Mhàrt 2024 tha sinn a’ comharrachadh 300 bliadhna on a rugadh an sàr-bhàrd Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir. Aig an tachartas shònraichte seo bidh cuid de na seinneadairean as fheàrr ann an Alba a’ comharrachadh beatha agus saothair Dhonnchaidh Bhàin.

Bidh Màiri Anna NicUalraig, Gillebride Mac a’ Mhaoilein, Ailean Dòmhnallach agus buill de Chòisir Ghàidhlig Lodainn a’ roinn cuid de na h-òrain as fheàrr leotha ann an oidhche de cheòl is òrain, a’ ceangal Gleann Urchaidh agus Dùn Èideann – agus an ochdamh linn deug ris an latha an-diugh.  

Tiogaidean £10. Lorgar barrachd fiosrachaidh is cothrom clàradh an seo.

'S e Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann a bhios a' ruith an tachartais seo.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page