Far na Slighe le Shelagh Chaimbeul
Thu, 18 Jul
|Comhairle nan Leabhraichean
Thigibh còmhla ri Shelagh Chaimbeul gus an leabhar ùr eucoir aice, "Far na Slighe", a chomharrachadh còmhla ri Cathy Bhàn.
Àm is Àite
18 Jul 2024, 18:30 – 19:30
Comhairle nan Leabhraichean, 32 Mansfield St, Partick, Glasgow G11 5QP, UK
Mu dheidhinn an tachartas
Latha samhraidh san Ògmhios, 2004. Tha ceathrar deugairean a’ coiseachd air Slighe Chladach Fìobha faisg air Cill Rìmhinn nuair a gheibh tè dhiubh, Amy, lorg air bann-làimhe eireachdail.
20 bliadhna an dèidh sin tha sreath ùr a’ nochdadh, “Fuasgladh Cheist”, anns am bithear a’ dèanamh sgrùdadh air bàsan amharasach. Sa chiad phrògram, tha Art Dawson a’ feuchainn ri freagairtean a lorg mu bàs a pheathar, Joni, a thuit far Slighe Chladach Fìobha san Ògmhios 2004. Cha robh esan a-riamh a’ creidsinn gum b’ e tubaist a bh’ ann: dè thachair dhi, agus càit an deach am bann-làimhe prìseil a bh’ oirre?
'S ann à Glaschu a tha Shelagh Chaimbeul agus tha i a' sgrìobhadh ficsean do chloinn agus do dh'inbhich ann an Gàidhlig. Bhuannaich i Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2022 le Urras Leabhraichean na h-Alba, agus ann an 2020 agus 2023 bhuainnaich i duais airson Làmh-sgrìobhain as Fheàrr do Chloinn aig Na Duaisean Litreachais. Tha a cuid sgrìobhaidh air nochdadh ann an grunn irisean, a' gabhail a-steach New Writing Scotland, Northwords Now agus Causeway/Cabhsair.
Tha tiogaidean ri fhaighinn an-asgaidh air Eventbrite.
Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh le Comhairle nan Leabhraichean. Lorgar barrachd fiosrachaidh mun bhuidheann agus na diofar thachartasan aca air;