top of page

Fri, 02 Feb

|

Ionad Sgeulachdan na h-Alba

Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid

Am mìos seo bidh Am Bothan aig Ionad Sgeulachdan na h-Alba, le sreath de luchd-ealain tàlantach Màiri Challan, Laura Robastan, Seumas Greumach, Alice Nic a’ Mhaoilein agus caraidean! Bidh am bàrd Màrtainn Mac an t-Saoir na fhear an taighe againn.

 Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid
 Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid

Àm is Àite

02 Feb 2024, 18:30 – 21:30

Ionad Sgeulachdan na h-Alba, 43-45 Sràid Àrd, Dùn Èideann EH1 1SR

Mu dheidhinn an tachartas

'S e seinneadair, clàrsaiche agus sgrìobhaiche-ciùil a th' ann am Màiri Challan, a dh'fhàs suas anns na h-Eileanan Siar. Tha i air a tuigse dhùthchasach air dualchas nan òran Gàidhlig a cheangal le dòighean guth clasaigeach. Choisinn i Bonn Òr a’ Chomunn Ghàidhealaich ann an 2021 agus bhon uair sin tha i air seinn aig tachartasan leithid Celtic Connections agus air Alleluia BBC Alba.

‘S e pìobaire agus seinneadair Gàidhlig às a’ Ghearasdan a th’ ann an Laura Robastan, a tha air iomadh duais a chosnadh aig an MOD thar nam bhliadhnaichean, a bharrachd air a bhith a’ tòiseachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann, ann an teagasg Gàidhlig.

Tha an seinneadair agus neach-ciùil Seumas Greumach, a bhuineas do Loch an Inbhir, gu math soirbheicheal ann an saoghal a’ chiùil Ghàidhlig. Tha e air a bhith na phàirt de chòmhlain is phròiseactan thar a bheatha. Bho 2020 tha e leis an dreuchd Àrd Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich.

‘S e Alice Nic a’ Mhaoilein seinneadair Gàidhlig às an Rubha, Leòdhas, a bhuannaich Bonn Òr Traidiseanta 2022. Tha i air bonn agus duaisean air a buanachadh ann an Alba agus dùthaich eile, is le sin agus an teaghlach soirbheachail aice, tha i na cuideigin airson sùil a chumail air.

‘S e oidhche air leth a bhios e gu cinnteach, dèan cinnteach gun tig siubh ann!

Tha tachartas na mìos seo mar phàirt den tachartas deireadh-seachdain Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid, aig a bheil tòrr rudan iongantach eile ri fhaicinn.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun tachartas an seo.

Clàraich airson an tachartais an seo.

Tha tabhartas suas ri £7 air a mholadh. 

Bidh Bothan Dhùn Èideann a’ toirt seachad an oidhche shònraichte seo de cheòl le taic bho Oilthigh Dhùn Èideann agus An Comunn Gàidhealach.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page