top of page

Fèis Leabhraichean : Alasdair MacIlleBhàin

Sat, 23 Sept

|

Glaschu

Tha Alasdair MacIlleBhàin na sheinneadair, sgrìobhadair is sgoilear à Eilean Muile. Tha an leabhar as ùire aige, Glasgow's Gaelic Place-Names, a' sealltain mar a tha freumhan dhomhain Gàidhlig aig Glaschu.

Fèis Leabhraichean : Alasdair MacIlleBhàin
Fèis Leabhraichean : Alasdair MacIlleBhàin

Àm is Àite

23 Sept 2023, 12:00 – 13:00

Glaschu , 348 Byres Rd, Glasgow G12 8AP, UK

Mu dheidhinn an tachartas

‘S e sgrìobhadair, seinneadair agus cleasaiche à Eilean Muile a th’ ann an Dr Alasdair C. MacIlleBhàin. Tha e a’ fuireach ann an Glaschu agus tha Comhaltachd Rannsachaidh aige aig Oilthigh Ghlaschu. Chaidh a ainmeachadh ann an 2019 agus 2020 mar Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna le Riaghaltas na h-Alba. 

 Tha Alasdair air bàrdachd, rosg agus òrain a sgrìobhadh is fhoillseachadh. Tha a’ chiad leabhar aige, Maim-slè, a’ dèiligeadh ri àireannachd, atharrachaidhean chànain agus fèin-aithne, le ealain is dealbhan le Alice NicBhatair. Bha e air geàrr-liosta nan Duaisean Litreachais 2022 airson Duais Dhòmhnaill Meek airson an leabhar neo-fhicsein as fhèarr. Thig an leabhar as ùire aig Alasdair MacIlleBhàin, Glasgow’s Gaelic Place-Names (Birlinn), a-mach ann an 2023.  

Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh le Comhairle nan Leabhraichean agus gheibhear tiogaidean an-asgaidh air Eventbrite.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page