top of page

Fèis Leabhraichean : Catrìona Mhoireach

Sat, 23 Sept

|

Glaschu

Bidh Catrìona Mhoireach a' bruidhinn mu Mhurchadh MacPhàrlain agus an leabhar as ùire aice, Doras Gun Chlàimhean, a bhuannaich an Duais Ruaraidh MhicThòmais airson Leabhar Bàrdachd aig na Duaisean Litreachais 2023!

Fèis Leabhraichean : Catrìona Mhoireach
Fèis Leabhraichean : Catrìona Mhoireach

Àm is Àite

23 Sept 2023, 15:30 – 16:30

Glaschu, 348 Byres Rd, Glasgow G12 8AP, UK

Mu dheidhinn an tachartas

Rugadh Catrìona Mhoireach ann an Glaschu, is thogadh i air Eilean Leòdhais, ach tha i air fuireach sa bhaile mhòir bhon a bha i a’ sgrùdadh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu. Tha i a-nis ag obair air a ceann fhèin mar chraoladair na Gàidhlig, às dèidh dhith a bhith ag obair leis a BhBC airson 30 bliadhna – mar riochdaire le BBC Radio nan Gàidheal. 

Ann an 2022 dheasaich Catrìona Doras gun Chlàimhean, cruinneachadh de dh’obair Mhurchaidh MhicPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, a bha air liosta-fhada Duais Leabhair na Gàidhealtachd 2022 agus a bhuannaich an Duais Ruaraidh MhicThòmais airson Leabhar Bàrdachd aig na Duaisean Litreachais 2023.

‘B àbhaist Catrìona a bhith na cathraiche de Chomhairle nan Leabhraichean. San tachartas seo bidh Catrìona a’ bruidhinn ri Alison Lang.  

Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh le Comhairle nan Leabhraichean agus gheibhear tiogaidean an-asgaidh air Eventbrite.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page