top of page

Fri, 23 Feb

|

Ionad Shuaineirt

Latha Gàidhlig Shuaineirt

Là làn de thachartasan Gàidhlig aig an Ionad Shuaineirt, Sròn an t-Sìthein.

Latha Gàidhlig Shuaineirt
Latha Gàidhlig Shuaineirt

Àm is Àite

23 Feb 2024, 09:00 – 21:00

Ionad Shuaineirt, Rathad na Sgoile, Sròn an t-Sìthein, An Gàidhealteachd PH36 4JA

Mu dheidhinn an tachartas

Latha Gàidhlig Shuaineart

Tha sinn an dùil latha làn de thachartasan Gàidhlig a chur air dòigh air Dihaoine 23mh den Ghearrain. Tòisichidh sinn sa mhadainn le ‘Bookbug’ Gàidhlig, leanaidh sinn oirne le Buidheann-cluiche Gàidhlig agus às dèidh sin, gheibh sibh cothrom fiù ‘s copan cofaidh no teatha òl!

(Bidh dhà no thrì rudan eile air chur air dòigh cuideachd ach chan eil iadsan buileach air an dearbhadh fhathast).

Thig an latha gu ceann le cèilidh air an fheasgar

Chan ann de luchd-fileantaich a-mhàin a tha an latha seo, ach de neach sam bith aig a bheil ùidh ann an tachartas a tha a’ brosnachadh na Gàidhlig. Latha far an cluinnear an cànan air a chleachdadh aig diofar ìrean le luchd-ionnsachaidh agus luchd fileantaich le chèile. Thathas an dòchas gum bi cothroman ann tron latha, a h-uile duine, ge be dè an ìre aig a bheil a’ Ghàidhlig aca, pàirt a ghabhail as na tachartasan seo agus ’s fiù ’s dòcha, beagan den chànan ionnsachadh! Agus airson ur cuideachadh leis a’ Ghàidhlig, bidh gu leòr luchd-fileantaich, facail cumanta agus dealbhan mun cuairt airson ur brosnachadh.

Faodar na tachartasan seo a frithealadh an-asgaidh

'S e Àrainn Shuaineairt a bhios a' cur an latha seo air dòigh.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page