Latha nam Fògarrach: Cur-air-bhog 'Depositions'
Thu, 20 Jun
|Partaig
Cur air bhog an leabhar 'Depositions' le ceòl agus film, gus Latha nam Fògarrach a chomharrachadh.
Àm is Àite
20 Jun 2024, 18:30 – 20:30
Partaig, 32 Mansfield St, Partaig, Glaschu G11 5QP
Mu dheidhinn an tachartas
Tha an leabhar bàrdachd eadar-nàiseanta 'Depositions' air cliù a chosnadh mu thràth airson nan dàn sgrìobhte ann an iomadh cànan bho gach ceàrnaidh dhen t-saoghal. Tha an dreachd ùr seo de "Depositions" air fhoillseachadh ann an cànanan Bhreatainn is Èirinn: Gàidhlig, Gaeilge, Cuimris agus Albais, gus Latha nam Fògarrach a chomharrachadh.
Thigibh còmhla rinn aig bùth Comhairle nan Leabhraichean airson taisbeanadh ealain, labhairt, film agus ceòl. Bidh am bàrd cliùiteach eadar-nàiseanta Anton Floyd, e fhèin na fhògarrach, a’ leughadh bhon chruinneachadh aige, "Depositions". Tha na dàin air an sgrìobhadh ann an cruth mòr-thurais, a’ sealltainn sgeul dhaoine air am fuadachadh bho na dachaighean aca: eagal is oillt air turasan èiginneach, na dùbhlain an lùib a bhith a’ tighinn gu dùthaich ùr agus an tùirse a thig à dealachadh – faireachdainnean a tha gu math aithnichte do dhaoine a rinn imrich.
Bidh bàrd, seinneadair agus eadar-theangaiche Marcas Mac an Tuairneir nar cuideachd, agus bidh an tachartas ann an Gàidhlig agus Beurla, le leughaidhean ann an Gaeilge, Cuimris agus Albais.
Bidh fàilte air tiodhlac-airgid agus thèid prothaid nan leabhraichean gu UNHCR, ach gheibhear tiogaidean an-asgaidh air Eventbrite.