Mac an Deòir ann an Arainn
Fri, 23 Feb
|Ormidale Pavilion
Thig is èist ris an iomadh sgeul iongantach a chaidh a chruinneachadh le Iain Mac an Deòir ann an Arainn san 19mh linn.
Àm is Àite
23 Feb 2024, 19:00 – 21:00
Ormidale Pavilion, Tràigh a' Chaisteil, Arainn KA27 8BY
Mu dheidhinn an tachartas
Thèid sgeulachdan a chaidh a chruinneachadh le Iain Mac an Deòir ann an Arainn aig meadhan na 19mh linn a thoirt beò aig an aon àm sa shoillsichear an co-theacsa eachdraidheil is sòisealta aca. Cluinnear iomradh air iomadh sgeulachd iongantach mu chreach, buidseachd, saobh-chràbhadh, aimhreit, is mealladh. Thèid an òraid a thoirt seachad le Ken Wardrop a tha ag obair do Phròiseact Mhic an Deòir a tha ag amas air an stuth a chaidh a chruinneachadh air feadh taobh a deas na Gàidhealtachd le Mac an Deòir fhoillseachadh.
Thèid ceòl a chluich aig an tachartas le luchd ciùil òg à Fèis Arainn.
Faodar an tachartas seo a frithealadh an-asgaidh.