top of page

Mairi Callan, Ruairidh Gray & Alice Nicmhaoilein, le còmhlan céilidh Raibeart Nairn

Fri, 13 Sept

|

Staffin Communtiy Hall

Consart de dh'òrain Ghàidhlig le triùir dha na seinneadairean òga as fheàrr a th' againn: Mairi Callan, Ruairidh Gray & Alice Nicmhaoilein. Cumaidh an oidhche a' dol an uairsin le còmhlan cèilidh Raibeart Nairn.

Mairi Callan, Ruairidh Gray & Alice Nicmhaoilein, le còmhlan céilidh Raibeart Nairn
Mairi Callan, Ruairidh Gray & Alice Nicmhaoilein, le còmhlan céilidh Raibeart Nairn

Àm is Àite

13 Sept 2024, 19:30 – 22:30

Staffin Communtiy Hall, A855, Highland IV51 9JS, Portree IV51 9JS

Mu dheidhinn an tachartas

Tha ‘Slighe Fonn na Bàrdachd’ stèidhichte air a' bheachd gun deach bàrdachd Ghàidhlig a chruthachadh gu sònraichte airson seinn, a’ cur an cèill eachdraidh shòisealta agus phoilitigeach na Gàidhlig ann an Alba le barrachd dìchill agus dìoghras na sgriòbhadh air duilleig.

Bidh Màiri Callan, a bhuannaich Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich, còmhla ris na seinneadairean agus luchd-ciùil, Alice Nicmhaoilein agus Ruairidh Gray, agus iad a’ seinn deich òrain Ghàidhlig ris an do chuir i fuinn bhon a leithid Sìleas na Ceapaich, An Clàrsair Dall, Màiri nighean Alasdair Ruaidh, Iain Lom, Donnchadh Bàn, Iain Mac Fhearchair agus Maighread nighean Lachlainn.

A’ cumail na cèilidh a leanas a’ dol bidh Raibeart Nairn, a bhuineas do bhaile Cheanntra ann an Àrd nam Murchan. Tha an ceòl a bhios e a’ cluich air a’ bhogsa phutain stèidhichte ann an dualchas Gàidhlig is pìobaireachd a’ chosta an iar. Bidh a bhràthair, Ailean Nairn, còmhla ris air na drumaichean agus a’ ghiotàr gus cèilidh bheòthail a chumail san dàrna pàirt den chuirm.

Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh mar phàirt den fhèis Blas. Lorgar barrachd fiosrachaidh mun fhèis air;

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page