Mother Tongue: Mither Màthair Мати Ana
Wed, 21 Feb
|Ionad Sgeulachdan na h-Alba
Thigibh còmhla rinn air Latha Eadar-nàiseanta nan Cànan Màthaireil airson cèilidh de sgeulachdan, òrain agus bàrdachd ann an Gàidhlig, Albais, BSL, Ukrainian, Crimean Tatar agus Beurla.


Àm is Àite
21 Feb 2024, 19:30 – 21:30
Ionad Sgeulachdan na h-Alba, 43-45 Àrd-shràid, Dùn Èideann EH1 1SR
Mu dheidhinn an tachartas
Màthair. ‘S e seo a’ chiad fhacal a chanas sinn mar as àbhaist nar cànan màthaireil. Ach dè bheireas buaidh air na faclan a chleachdas sinn nar sgeulachdan is nar òrain fhad ‘s a tha sinn a’ fàs? Thigibh còmhla rinn air Latha Eadar-nàiseanta nan Cànan Màthaireil airson cèilidh de sgeulachdan, òrain agus bàrdachd ann an Gàidhlig, Albais, BSL, Ukrainian, Crimean Tatar agus Beurla.
Cluinnear sgeulachdan, òrain, bàrdachd is eile anns na cànain eadar-dhealaichte bho Elzara Batalova, Màrtainn Mac an t-Saoir, Olga Niekrasova, Tim Porteus & Evie Waddell, le mìneachadh is còmhradh sa Bheurla.
Tiogaidean £10.
Lorgar barrachd fiosrachaidh is cotrhom clàradh an seo.
Thèid an tachartas seo a chumail mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig. ‘S e co-obrachadh a th’ ann eadar TRACS, an Sgrìobhaiche Gàidhlig air Mhuinntearas agus Roinn Ceiltis & Eòlas na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha Bòrd na Gàidhlig a' co-mhaoineachadh dreuchd Sgrìobhaiche Gàidhlig air Mhuinntearas aig Oilthigh Dhùn Èideann.