Non dimenticare gli angeli le Crìsdean MacIlleBhàin
Tue, 12 Mar
|Institud Culturach na h-Eadailt
Thig còmhla ri Crìsdean MacIlleBhàin aig an Italian Cultural Institute ann an Dùn Èideann, far am bidh e ag aithris bàrdachd Gàidhlig is Eadailtis bhon cruinneachadh as ùire aige, Non dimenticare gli angeli, a choisinn duais Premio Rilke 2023.


Àm is Àite
12 Mar 2024, 18:00 – 19:00
Institud Culturach na h-Eadailt, 82 Sràid Nicolson, Newington, Dùn Èideann EH8 9EW
Mu dheidhinn an tachartas
Thig còmhla ri Crìsdean MacIlleBhàin aig an Italian Cultural Institute ann an Dùn Èideann gus an leabhar ùr aige, Non dimenticare gli angeli (Don’t Forget the Angels), a chomharrachadh. ‘S e cruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig thar 30 bliadhna a th’ ann san leabhar, le eadar-theangachaidhean dhan Eadailtis air taobh eile na duilleig (a bhaunnaich duais Premio Rilke 2023). Seo a’ chiad uair a chaidh leabhar Gàidhlig fhoillseachadh san Eadailt agus mar sin tha e na leabhar cudromach gus Gàidhlig a bhrosnachadh san Roinn Eòrpa.
Tha Crìsdean MacIlleBhàin na bhàrd Gàidhlig a choisinn iomadh duais. Às dèidh dreuchd chomharraichte acadeimigeach a’ teagasg litreachas na Gàidhlig san Ròimh, Dùn Èideann agus Glaschu, rinn e imrich a Bhudapest ann an 2006, far am bi e a’ sgrìobhadh làn-ùine. Tha an obair aige aithnichte leis an an dòigh sa bheil e a’ dèiligeadh ri cuspairean ùr-gnàthach agus an sealladh Eòrpach a tha ri fhaighinn sna dàin aige.
Faodar an tachartas seo a frithealadh an-asgaidh.
Lorgar barrachd fiosrachaidh is cothrom clàradh an seo.
'S e Comhairle nan Leabhraichean a bhios a' ruith an tachartais seo.