top of page

Òcaidich!

Sat, 11 Nov

|

Ionad nan Nuadh Ealain (an CCA)

Tha Ceòl is Craic a’ tighinn còmhla le Orcastra Improvisers Ghlaschu gus tachartas lèir-chlaisneach air leth a thaisbeanadh, a tha air a bhrosnachadh le deuchainnean-cùirte nam bana-bhuidseach ann an Alba san t-siathamh agus san t-seachdamh linn deug.

Òcaidich!
Òcaidich!

Àm is Àite

11 Nov 2023, 20:00 – 22:30

Ionad nan Nuadh Ealain (an CCA), 350 Sauchiehall St, Glaschu G2 3JD, RA

Mu dheidhinn an tachartas

Tha Orcastra Improvisers Ghlaschu air a dhèanamh suas den luchd-ciùil as fheàrr ann an jazz, clasaigeach, tuath-cheòl, roc agus seallaidhean ciùil avant garde. Airson a’ ghnìomhaidh shònraichte seo, bidh buidheann tàlantach de luchd-ealain air aoigheachd aca.

Is e ùghdar, oide agus craoladair ainmeil a th’ ann am Màiri Kidd, a tha air sgrùdadh sònraichte a dhèanamh air cùisean-cùirte bhuidsichean ann an eachdraidh na h-Alba.

Tha Wilma NicUalraig aithnichte le meas mar sheinneadair Gàidhlig a tha air gnìomhadh mar phàirt de ‘Caimbeulaich a’ Ghrìoba’.

Tha Màiri Callan air duaisean a chosnadh mar sheinneadair is chlàrsair. A’ cur crìoch air an loidhne de luchd-ealain, tha an neach-ealain bhidio is dèanadair fhilmichean, Brian Hartley.

Tha tiogaidean rim faighinn air làrach-lìn Ionad nan Nuadh Ealain.

Lorgar barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn Ceòl is Craic.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page