top of page

Mon, 19 Aug

|

Location is TBD

Oifigearan Gàidhlig – Ceanglaichean & Co-obrachadh

Prògram ceannardais trì-latha a tha seo, a tha air a dhealbh gu sònraichte gus coinneachadh ri feumalachdan oifigearan leasachaidh a tha ag obair ann an co-theacsa Ghàidhlig

Oifigearan Gàidhlig – Ceanglaichean & Co-obrachadh
Oifigearan Gàidhlig – Ceanglaichean & Co-obrachadh

Àm is Àite

3 more dates

19 Aug 2024, 10:00 – 21 Aug 2024, 14:00

Location is TBD

Mu dheidhinn an tachartas

Thigibh còmhla gus do thuigse a leasachadh air dè a th’ ann an ceannardas agus rannsaich an seòrsa stiùiriche a tha thu an dùil a bhith. Nì thu ceangal ri daoine eile a tha ag obair ann an co-theacsa Gàidhlig. Èistibh ri eisimpleirean agus sgeulachdan brosnachail. Stèidhich lìonra  de stiùirichean coimhearsnachd den aon seòrsa beachdan a bhios a’ roinn do luachan agus do lèirsinn.

S e prògram ceannardais trì-latha sònraichte a tha seo, a tha air a dhealbh gus coinneachadh ri feumalachdan luchd-ceannais adhartach ann an co-theacsa Ghàidhlig. Bheir e na sgilean, lìonraidhean, agus taic do dhaoine a tha ag obair ann am buidhnean ionadail agus nàiseanta gus an cuid obrach a luathachadh agus cur ri planadh cànain is thachartasan nan coimhearsnachdan agus nan àiteachan obrach.

Le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig, chaidh am prògram seo a chur beò  airson Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig air feadh na h-Alba, ge bith dè dhreuchd a th' agaibh. 

Tha am prògram air a chruthachadh  gus lcothrom a thoirt do gach neach siubhal dhachaigh gach latha. Ach, leig fios dhuinn nuair a chlàras tu ma tha coltas ann gum feum thu àite-fuirich, gu sònraichte ma tha thu a’ siubhal astar fada airson a bhith an làthair.

Tha maoineachadh ann gus am prògram seo a lìbhrigeadh ann an trì àiteachan, ach tha sinn airson a bhith cho sùbailte sa ghabhas gus cothrom a thoirt dha na h-uimhir de Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig a bhith an làthair. Mar sin, tha sinn air ceithir roghainnean a thoirt seachad gus innse dhuinn far a bheil an t-iarrtas as motha airson a’ phrògram seo. Nuair a chlàras tu, feuch an innis thu dhuinn an t-àite as fheàrr leat agus feuchaidh sinn ri coinneachadh ri feumalachdan a h-uile duine.

Barrachd fios - https://your.socialenterprise.academy/course/view.php?id=2156

Facebook 

Instagram

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page