SEANCHAS SGIBINIS
Wed, 12 Feb
|Skipness Village Hall
Thigibh còmhla airson began ionnsachadh tro sgeulahcdan is cuairt tron choille.
Àm is Àite
12 Feb 2025, 13:00 – 16:00
Skipness Village Hall, B8001, Tarbert PA29 6XT, UK
Mu dheidhinn an tachartas
Thigibh còmhla ri Oifigear Cultair Ghàidhlig CHARTS Àdhamh Ó Broin, Co-mhantachd Coill-Uisge Cheann Tìre agus aoighean eile airson feasgar air leth a’ rùrachadh dualchas Ghàidhlig Sgibinis ’s na coilltean timcheall air.
Leigidh an tachartas seo ceanglan ùra a dhianamh ’s an dàimh a th’ aca ri tìr ’s muir a roinn ’s air na h-àiteachan a thug seachad cainnt ’s sgeultachd.
Tòisichidh an tachartas ann an Talla a’ Bhaile Sgibinis aig 1f, air a leantainn le sgrìob ann an Coille Sgibinis, far an ionnsaichear mu dheidhinn dualchainnt Ghàidhlig Cheann Tìre, far an cluinnear sgeulachdan bho luchd-labhairt mu dheireadh de’n chànan ’s far am bith cothrom ann sràid a ghabhail san dùthaich tro phrospaig dualchas Ghàidhlig an àite.
Às-deidh na cuairte, bidh cèilidh ann le ùrachadh ann an Talla Sgibinis. Bidh acainnean-ealain ann airson nan daoine a bhios ag iarraidh rudaigin a tharainn às a’ chuairtgu h-ealanta. Ma bhios ùine gu leòr ann, bidh sràid eile ann sa choille taobh Claonaig.
’S e cothrom air leth a th’ ann an seo gus ceangal a dhèanamh ris an àrainneachd ionadail agaibh ’s dualchas Gàidhlig an àite fhad ’s a chuireas sibh ri iomairtean ri thighinn a chomharachas ’s a ghleidheas Cànan nan Gàidheal ann an Ceann Tìr.
Thoir an aire gum bith cuid de’n tachartas seo taobh-muigh ann an Sgibinis ’s Coille Claonaig. Nach cuir sibh oirbh aodach freagarach, blàth ’s brògan dìonach, leis gum bith an talamh car mi-chomhrad ’s dh’fhaoidte sleamhainn.
Barrachd fios: