top of page

Thu, 22 Feb

|

Talla Baillie Hardie

Seinn Gàidhlig!

Bùthan-obrach seinn ann an Gleann Iucha. Cothrom coinneachadh ri daoine eile le Gàidhlig, no ùidh sa chànan, ann an Lodainn an Iar.

Seinn Gàidhlig!
Seinn Gàidhlig!

Àm is Àite

22 Feb 2024, 14:15 – 16:45

Talla Baillie Hardie, Tallachan Linlithgow Burgh, The Cross, Lodainn an Iar, Gleann Iucha EH49 7AH

Mu dheidhinn an tachartas

Gabh an cothrom òran no dhà ionnsachadh ann an suidheachadh taiceil agus neo-fhoirmeil. Seinnidh sinn measgachadh de dh’òrain, a' gabhail a-steach òrain obrach ruitheamach, òrain chèilidh shunndach, puirt-a-beul beothail agus tàlaidhean socair. Rudeigin airson a h-uile duine!

Thig airson uair a thìde no fuirich fad an fheasgair agus coinnich ri luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh eile na Gàidhlig airson deoch sa chafaidh eadar an dà bhùth-obrach.

Bidh fàilte ron a h-uile duine agus air a h-uile ìre de Ghàidhlig!

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page