top of page

Sat, 24 Feb

|

Ionad Achadh na Creige

Seinn Leinn

Tha Seinn Leinn ag amas air blasad a thoirt do dhaoine den chàirdeas, fois-inntinn agus aoibhneas a thig le bhith a’ seinn ann an còisir, gun a bhith fo uallach a dhol nad làn bhall.

Seinn Leinn
Seinn Leinn

Àm is Àite

24 Feb 2024, 13:00 – 16:30

Ionad Achadh na Creige, Rathad Achadh na Creige, Taylor's Brae, An t-Òban PA34 5DQ

Mu dheidhinn an tachartas

Trobhad còmhla ri seinneadairean air leth airson feasgar làn òrain Gàidhlig aig tachartas Seinn Leinn, ge bi dè an comas seinn a th’ agad.

’S I an ceòladair ionadail agus stiùiriche aithnichte aig Còisir Ghàidhlig an Òbain, Sìleas Nic na Ceàrdaich, a bhios aig ceann chùisean, le seisean fuasgailte de sheinn furasta, a bhios fosgailte do dhuine sam bith le ùidh ann an seinn Ghàidhlig.

Tha Seinn Leinn ag amas air blasad a thoirt do dhaoine den chàirdeas, fois-inntin agus aoibhneas a thig le bhith a’ seinn ann an còisir, gun a bhith fo uallach a dhol nad làn bhall.

Thairis air an fheasgar seo, thèid agad air cuid de na h-òrain Gàidhlig as aithnichte ionnsachadh, gad fhàgail gu tur deiseil airson cur ri cèilidh, ge bi càit am bi thu – bho Barbhas gu Bàgh a’ Chaisteil agus Benderloch – agus gach àite eatorra!

Am measg nan rudan às cudromaiche air clàr chòisir tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail, a tha a’ tilleadh don Òban uair eile am-bliadhna.

Thathas an dòchas gum faigh seinneadairean misneachd is dealas à Seinn Leinn gus am faod iad pàirt a ghabhail anns na Còisirean Chruinnichte – cruinneachadh de cheudan de sheinneadairean bho chòisirean Gàidhlig, a bhios a’ tighinn le chèile gus crìoch a’ Mhòd Nàiseanta a chomharrachadh.

Am-bliadhna, gheibh an t-Òban còrr air an àbhaist, le chothrom air còisirean chruinnichte a fhrithealadh, le aonnan dhiubh às dèidh am Mòd Ionadail san Ògmhios agus an uair sin nuair a thig am Mòd Nàiseanta don bhaile san Dàmhair. 

Tha Seinn Leinn mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig, a tha na iomairt eadar-nàiseanta a bhios ag amas air inbhe na Gàidhlig a thogail, agus aig an aon àm, a bhith a’ toirt luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh còmhla ri daoine eile aig a bheil ùidh ‘sa chànan. Còmhla, thèid fèill a dhèanamh air a’ chultar air leth beartach a tha ga riochdachadh leis a’ chànan.

Gabhaidh Seinn Leinn àite aig Ionad Achadh na Creige, an t-Òban air Disathairne 24 Gearran, eadar 1f agus 4.30f.

Faodar an tachartas seo a frithealadh an-asgaidh.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page