Seisean-ciùil Fèis Thatha
Sun, 19 Nov
|Taigh-dealbh Birks
Seisean-ciùil fosgailte, neo-fhoirmeil gus an fhèis a thoirt gu crìoch.
Àm is Àite
19 Nov 2023, 11:00 – 13:00
Taigh-dealbh Birks, 1 Dunkeld St, Aberfeldy PH15 2DA, UK
Mu dheidhinn an tachartas
Cuiridh sinn crìoch air an deireadh-sheachdain madainn Didòmhnaich le seisean jam neo-fhoirmeil. Thèid seo a stiùireadh le oidean Fèis Thatha agus mar sin thoir leat na h-ionnstramaidean agad agus gabh pàirt ann, no gabh cupa cofaidh agus suidhe agus èist ris a' cheòl. Tha fàilte air a h-uile duine de gach aois agus gach comas a thighinn ann - chan eil ann ach port is còmhradh!
Lorgar barrachd fiosrachaidh agus gheibhear tiocaidean an seo air làrach-lìn Fèis Thatha.
Thèidh an seisean-ciùil seo a chumail às-dèidh là làn spòrs agus ceòl aig Fèis Thatha eadar 9m is 4f air Disathairne, 18 Samhain. Bidh bùthan-obrach ann airson an fhidheall, bogsa-ciùil, giotàr, faram-ciùil, clàrsach agus an fhìdeag airson luchd-tòiseachaidh agus cluicheadairean eadar-mheadhanach abharrachd air buthan obrach airson dannsa-ceum agus camanachd, obair-bhuidhne dha cluicheadaran adhartach, agus Fèis Bheag agus Cròileagan dhan fheadhainn as òige.
Chithear barrachd fiosrachaidh mun Fhèis fhèin an seo.
Thèid an fhèis a leantainn le cèilidh teaghlaich air oidhche 'thairne. Bidh ceòl ann bho Chòmhlan Cèilidh Luchd-teagaisg Fèis Thatha agus bidh raffle ann làn de dhuaisean sgoinneil. Tha an cèilidh fosgailte dhan a h-uile duine - mar as motha 's ann as fheàrr! £10 do dh’inbhich, £5 do chlann. Gheibh clann fo aois 5 agus iadsan a ghabh phàirt anns an fhèis tron là a-steach an-asgaidh.
Tha barrachd fiosrachaidh mun cèilidh ri lorg an seo.
Na caillibh a-mach. Chì sinn ann sibh, chì sinn ann sibh!