top of page

Fri, 09 Jun

|

Teams

Seisean Sgeulachd do Sgoilearan Gàidhlig

Tha an sgioba Giglets a’ cur fàilte air sgoilearan agus tidsearan Gàidhlig gu seisean sgeulachd air loidhne, mar phàirt de Latha Àrainneachd na Cruinne.

Seisean Sgeulachd do Sgoilearan Gàidhlig
Seisean Sgeulachd do Sgoilearan Gàidhlig

Àm is Àite

09 Jun 2023, 09:30 – 10:00

Teams

Mu dheidhinn an tachartas

Aig an t-seisean seo, bidh an sgioba Giglets a' leughadh 'An Sioraf Goirid', sgeulachd Giglets mu shioraf beag air a bheil Twiga, is i ag ionnsachadh mu rudan a tha duilich dhi agus mu rudan air a bheil i math.  Le Latha Àrainneachd na Cruinne faisg oirnn, thagh sinn an leabhar seo gus toirt oirnn smaoineachadh mu bheathaichean a tha ann an cunnart air feadh an t-saoghail.  Tha an seisean fosgailte do sgoilearan air fad, ach tha e nas freagarraich do sgoilearan ann an C1, C2 agus C3.  Bidh na seiseanan sgeulachd againn a’ toirt dhuinn cothrom tighinn còmhla mar choimhearsnachd Giglets gus èisteachd ri storaidhean Gàidhlig. Bidh iad a’ gabhail àite air Teams agus tha sinn a’ moladh gun cleachd tidsearan sgrìn mhòr sa chlas gus am faic an luchd-ionnsachaidh uile e.  

Faodaidh sibh na camarathan agaibh a chleachdadh gus am faic sibh sgoiltean eile san t-seisean, no ma tha sibh airson na camarathan agaibh a chur dheth, faodaidh luchd-ionnsachaidh pàirt a ghabhail tro bhith a’ cleachdadh a’ bhogsa cabadaich.  

Glèidh d' àite an seo:  https://events.teams.microsoft.com/event/f13af071-abdd-4cb5-bd9e-90daea74ac53@66175b07-85c5-4915-8533-1e4a9e7a2e35 

Mura h-eil e comasach dhuibh tighinn ann an turas seo, dèan cinnteach gun cum sibh sùil air na meadhanan sòisealta againn far am faigh sibh fios mu sheiseanan sgeulachd san àm ri teachd.  

Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuir fios dhan deasg-taic aig support@giglets.com.  Tha sinn an dòchas gum faic sinn ann sibh!  

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page