Sgoil Shamhraidh Cheòlais 2024
Sat, 06 Jul
|Cnoc Soilleir
Seachdain làn ciùil is craic le tachartasan fad na seachdaine le cuirmean, bùithtean-obrach, òraidean agus cèilidhean, le cuid aca air an craoladh beò air-loidhne!


Àm is Àite
06 Jul 2024, 19:30 – 12 Jul 2024, 23:30
Cnoc Soilleir , Cnoc Soilleir, Dalabrog, Uibhist a Deas, HS8 5SS,
Mu dheidhinn an tachartas
Gach bliadhna, bidh daoine bho air feadh an t-saoghail a’ tighinn a dh’Uibhist a Deas airson Sgoil Shamhraidh Cheòlais le clasaichean ann an Gàidhlig, seinn, pìobaireachd, fìdheall, clàrsach agus dannsa! Bidh sinn a' cur air dòigh thachartasan 'sa choimhearsnachd le cuirmean is cèilidhean gach oidhche, agus mòran dhiubh rim faighinn air-loidhne cuideachd! 'S ann tro mheadhan na Gàidhlig no dà-chànanach a tha a' mhòr-chuid de na tachartasan againn.
Thèidibh gu www.ceolas.co.uk airson a’ phrògraim shlàin againn fhaicinn!