top of page

Sradagan na Sràide

Fri, 02 Aug

|

Ionad nan Ealan Co-aimsireil (CCA)

Co-obrachadh còig-bliadhna eadar Ceòl is Craic agus Comhairle nan Leabhraichean, gus àrd-ùrlar a thoirt do na tàlantan ciùil is litreachais as fheàrr ann an ealain Ghàidhlig na h-Alba agus cruinneachadh ùr de òrain Ghàidhlig a chruthachadh do Ghàidheil bhailtean-mòra an latha an-diugh.

Sradagan na Sràide
Sradagan na Sràide

Àm is Àite

02 Aug 2024, 20:00 – 23:00

Ionad nan Ealan Co-aimsireil (CCA), 350 Sauchiehall St, Glasgow G2 3JD, UK

Mu dheidhinn an tachartas

Is e co-obrachadh còig-bliadhna a th’ ann an Sradagan na Sràide eadar Ceòl is Craic agus Comhairle nan Leabhraichean, gus àrd-ùrlar a thoirt do na tàlantan ciùil is litreachais as fheàrr ann an ealain Ghàidhlig na h-Alba agus cruinneachadh ùr de òrain Ghàidhlig a chruthachadh do Ghàidheil bhailtean-mòra an latha an-diugh.

Is e neach-ealain Gàidhlig a bhuannaich mòran duaisean a th’ ann an Robbie Anndra MacLeòid, a tha air obair a choileanadh tarsainn diofar ghnèithean leithid bàrdachd, rosg, dràma, filmichean goirid agus geamannan bhidio. Bidh Kapil Seshasayee a’ sgrìobhafh òrain, a’ cluich giotàr gu h-ealanta agus a’ cruthachadh chruthan-fuaime eileagtronaigeach a tha gun choimeas. Tha an ceòl aige ag amalachadh eileamaidean de R&B, Jazz, Electronica agus ceòl clasaigeach Innseanach.

Tha cuid de na cluicheadairean as ainmeile ann an saoghal co-aimsireiltrad agus indie, air an trusadh gus a bhith còmhla ri Robbie agus Kapil ann an riochdachadh air ciad ghnìomhadh den stuth co-obrachail ùraca.   

Is e ceòladair, neach-ealain lèirsinneach, neach-ealain clò-bhualaidh, glanadair agus neach-ionnsachaidh Gàidhlig a th’ ann an Susannah Stark, as toil a bhith a’ trasnadh nan crìochan sin uile tro òran agus deòntas.  

Cosgais: £14

Dorsan fosgailte: 8.00f.

Faodar tiocaidean a cheannachd an seo.

Logar barrachd fiosrachaidh air;

Lorgar barrachd fiosrachaidh mu obair Comhairle nan Leabhraichean air an làrach-lìn aca.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page