top of page

Taigh Cèilidh Roma-Gàidheal

Sat, 09 Mar

|

Ionad nan Ealain Cho-aimsireil

Cuirm-ciùil le Taraf de Jan, còmhlan-ciùil à Siorrachd Bihor ann an Romàinia bho thùs ach a tha a-nis stèidhichte ann an Alba, agus Josie Duncan, seinneadair is sgrìobhaiche-òrain tàlantach à Eilean Leòdhais.

Taigh Cèilidh Roma-Gàidheal
Taigh Cèilidh Roma-Gàidheal

Àm is Àite

09 Mar 2024, 19:30 – 22:30

Ionad nan Ealain Cho-aimsireil, 350 Sràid Sauchiehall, Glaschu G2 3JD

Mu dheidhinn an tachartas

À Siorrachd Bihor ann an Romàinia bho thùs ach a-nis stèidhichte ann an Alba, bidh Taraf de Jan a’ gnìomhadh ceòl traidiseanta Sipsidh agus tuath-cheòl bho an sgìre dhachaigheil aca agus air a taobh a-muigh. A’ cleachdadh ionnsramaidean traidiseanta neo-àbhaisteach leithid fìdhle adharcach, tha iad a’ giùlan an luchd-eìsteachd air turas gu cridhe pàrtaidh baile ann an Transylvania. 

Is e seinneadair is sgrìobhaiche-òrain tàlantach à Eilean Leòdhais a th’ ann an Josie Duncan, le òrain a tha a’ nochdadh fhuaimean guthach faireachdainneil, fuinn tharraingeach agus briathran bhon chridhe. Ann an 2017, bhuannaich Josie Duais Tuath-cheòl Òg BBC Radio 2, a’ dearbhadh a cliù mar thàlant tuath-cheòl a’ tighinn am bàrr. Bidh Josie a’ nochdadh le còmhlan slàn sam bi cuid de na prìomh chluicheadairean san t-saoghal trad cho-aimsireil.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun tachartas air làrach-lìn Ceòl is Craic, a chuir an tachartas air dòigh.

Tha tiogaidean a' chosg £14 agus faodar an ceannachd an seo.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page