Mu Dheidhinn

Ma chì sibh am bràiste seo, faodaidh sibh Gàidhlig a bhruidhinn rium.

Dè a th’ ann an Cleachd i?

Air an làraich-lìn seo, bidh sinn a' foillseachadh an obair a tha diofar bhuidhnean agus daoine a' dèanamh ann an Saoghal na Gàidhlig gus cothroman a chruthachadh dha daoine tighinn còmhla gus Gàidhlig a chleachdadh. 'S iad sin tachartasan, buidhnean, clubaichean, cothroman còmhraidh agus a leithid a bhios a' cleachdadh a' chànain. ‘S dòcha gur e club film a th’ ann, buidheann aig a bheil ùidh ann an gàirnealaireachd no diofar dhaoine a tha a’ coinneachadh airson sreap nam beann. Faodaidh sibh pàirt a ghabhail anns na rudan anns a bheil ùidh agaibh, a’ cleachdadh a’ chànain aig an aon àm ann an dòigh tlachdmhòr, neo-fhoirmeil.

Faodaidh sibh lorg na tha a' tachairt bho mhìos gu mìos, no coimhead airson na tha a' dol anns an sgìre agaibh fhèin. Tha na ceangalaichean seo airson buidhnean a bhios a' cleachdadh na Gàidhlig a-mhàin. Faodaidh sibh cuideachd bathar #cleachdi fhaighinn, baidsichean 's a leithid, a sheallas dha daoine gu bheil sibh deiseil agus deònach a' Ghàidhlig a bhruidhinn. 'S e rud sòisealta, tlachdmhòr ga-rìribh a th' ann, coinneachadh gus rudan a dhèanamh còmhla, a’ cleachdadh na Gàidhlig aig an aon àm.

Chaidh an iomairt Cleachd i a chruthachadh le Bòrd na Gàidhlig an dà chuid gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte agus gus am biodh e nas fhasa luchd-labhairt na Gàidhlig aithneachadh.

Co?
Daoine a tha ag iarraidhGàidhlig a chleachdadhcòmhla ri daoine eile.
Dè?
Lorg cur-seachadan,buidhnean agus tachartasantro mheadhan na Gàidhlig.
Carson?
Cothrom tighinn còmhlaairson pàirt a ghabhail ann anrudan aig a bheil ùidh agaibh.
Càite?
Aghaidh ri aghaidh no air-loidhne; le daoine ann anAlba agus air feadh an t-saoghail.